So – sheasmach
Lorgar Ascophyllum nodosum a – mhàin ann an uisgeachan a’ Chuan Siar. Ann an suidheachadh fa r a bheil an àrainneachd ag atharrachadh fad na h – uine leis an làn, tha an fheamainn seo air atharrachadh gu nadarra far a bheil e a’ fàs.
Càileachd
Is e feamainn air leth cumhachdach a tha ann an Ascophyllum nodosum. Tha e air atharrachadh thar iomadh lìnn; tro fhuachd agus teas gus a bhith comasach air iomadach aimsir a ghiùlain
Cleachdadh as fheàrr
Nuair a thèid e fon uisge, tha Ascophyllum a’ tighinn gu mullach na h – uisge. Tro bhith a’ cleachdadh ar bàtaichean sonraichte a tha a’ gearradh mullach na feamad, tha seo a’ ciallachadh gu bheil fàs a’ tighinn as deidh dà bhliadhna. Tha rannsachadh air dearbhad h gur e seo an dòigh is so – sheasmachd airson feamainn a’ bhuain.
Ìre
Tha sinn làidir a thaobh so – sheasmachd a thaobh a bhith a’ buain , a’ cruthachadh, leasachadh agus rannsachadh agus tha ar luchd – ceannachd a’ faighinn am bathar is fheàrr a tha ri fhaighinn. Tha seo a’ tachairt le taic a thaobh saidheans, stiùireadh teicnigeach agus taic sgioba sa h – uile dòigh.
Tha cladaichean agus oir – thìr air leth againn ann an Leòdhas a gus na Hearadh. Tha ar sinnsearan air a bhith an – sàs ann an gnìomhachas na feamad fad ghinealachan. Chan eil sinn uile ach air chuairt aithghearr, agus tha dleastanas oirnn cùram a ghabhail air a ghoireas prìseil a tha seo; airson na ginealaich a tha ri t highinn.
Tha e air leth cudrom ach a bhith a’ coimhead as dèidh a’ ghoireas a tha seo. Aig Companaidh Feamainn Innse Gall, tha sinn ag obair, gu dlùth, le buidhnean com – pàirteachais gus smachd a chumail air an obair againn.
Ag iarraidh barrachd fhaighinn a – mach?
Bidh sinn a’ buain Ascophyllum nodosum aig sàr àrd ìre; tha seo a’ ciallachadh gu bheil sinn farpaiseach anns a bhatha r a tha sinn a’ reic.